South Uist in the Outer Hebrides
southuist.comhomeaccommodationforumphotosnews
Guests online: 28, Members online: 8
3274 members registered from 38 countries
 Follow us on TwitterLike us on Facebook
southuist.com : The Isle of South Uist
You are not logged on [ login now ]HOME | ACCOMMODATION | PHOTOS | FORUM | MEMBERS | NEWS
southuist.com : The Isle of South Uist

The Isle of South Uist

An Lòchran Summer Newsletter

by An Lòchran [viewed 3207 times]

An Lòchran Summer Newsletter[English version is posted below]

BLASADAN BHÙITHTEAN-OBRACH



Aig àm Fèis Taobh Siar Ghlaschu, chuir An Lòchran ceithir diofar sheiseanan de bhùithtean-obrach air adhart airson blasad de na leanas. B’ iad sin:

• blasad de sheinn ann an Gàidhlig
• blasad de dhannsa cèilidh
• blasad den bhogsa-ciùil
• blasad den bhodhran / den fhìdeig

Bha meas mòr air na tachartasan sin agus tha sinn air fiosrachadh fìor mhath fhaighinn air ais bho na com-pàirtichean tron duilleig Facebook againn agus air post-d. Faicibh an earrann air fios-air-ais.

Mar thoradh air cho measail ’s a bha daoine air na tachartasan sin, tòisichidh sinn a’ cur cuid de na clasaichean sin air adhart air bhunait nas maireannaiche às dèidh saor-làithean an t-samhraidh. Chithear gu h-ìosal na cinn-latha tòiseachaidh a tha san amharc. Airson tuilleadh fiosrachaidh no airson àite a chur mu seach air gin sam bith de na clasaichean, fònaibh gu 0141 342 4199 no cuiribh post-d gu stacy@anlochran.com.

Clasaichean Bogsa-ciùil Diciadain 7:00f – 8:30pm
A’ tòiseachadh 22mh Lùnastal agus a’ ruith airson 10 seachdainean
£15 gach clas
£10 gach clas mu chuirear mu seach na 10 seachdainean còmhla

Dannsa Cèilidh Diardaoin 7:00f – 8:30pm
A’ tòiseachadh 23mh Lùnastal agus a’ ruith airson 10 seachdainean
£6 gach clas
£5 gach clas mu chuirear mu seach na 10 seachdainean còmhla

Clasaichean Bodhran Gach feasgar Disathairne
A’ tòiseachadh 25mh Lùnastal
£6 gach clas
£5 gach clas mu chuirear mu seach na 10 seachdainean còmhla


TURAS BUS DÀ-CHÀNANACH AIG FÈIS TAOBH SIAR GHLASCHU

A thuilleadh air na blasadan sin chuir sinn air adhart ‘Glaschu nan Gàidheal’, cuairt bus dà-chànanach mu thimcheall Ghlaschu. Chaidh am bus mu chuairt iomadh àite ann an Glaschu a bha cudromach do na Gàidheil san àm a dh’fhalbh agus san latha an-diugh agus thogadh air na ceàrnaidhean sin sa bhaile far a bheil buaidh nan Gàidheal ri fhaicinn. Cumaibh sùil air an làraich-lìn againn a thaobh ’s gum bi deilbh de na h-àiteachan air an deach tadhal air am postadh suas a dh’aithghearr.

Fhuaireadh tlachd mhòr às a’ chuairt bus agus mar sin bidh sinn a’ ruith cuairt eile air 9mh Lùnastal mar phàirt de ‘Pìobaireachd Bheò’. Cosgaidh tiocaidean £12.50. Airson àite a chur mu seach, fònaibh gu 0141 342 4199 no cuiribh post-d gu stacy@anlochran.com

FÀILTE

Bu mhath leinn fàilte a chur air Stacy NicNeacail a bhios ag obair còmhla rinn airson 10 seachdainean mar phàirt de sgeama greis-gnìomhachais samhraidh Chomunn na Gàidhlig. Gu làithreach, tha Stacy a’ sgrùdadh Gàidhlig ann an Oilthigh Ghlaschu agus bha i na ball de Bhuidheann Dràma Shrath Chluaidh airson 15 bliadhna. Tha sinn a’ guidhe gach soirbheachadh dhi agus tha sinn an dòchas gum faigh i tlachd às an ùine a bhios aice an seo aig An Lòchran.

CLUB DRÀMA COIMHEARSNACHD

Tha An Lòchran a’ coimhead ri club dràma coimhearsnachd a stèidheachadh san t-Sultain. A thuilleadh air bùithtean-obrach cleasachd, tha sinn an dùil bùithtean-obrach a chumail air feartan eile de dhràma a dh’fhaodadh a bhith nas inntinniche dhaibhsan nach eil airson a dhol air àrd-ùrlar. Nam measg sin bidh:

• culaidheachd
• maise-gnùise stèidse
• dealbhadh is obrachadh sholais
• dealbhadh seat

Cuirear tuilleadh fiosrachaidh mu na bùithtean-obrach sin suas air an làraich-lìn againn an dèidh saor-làithean an t-samhraidh.

“Tapadh leibh ... do gach neach a bha an sàs anns a’ chuairt threòraichte, Glaschu nan Gàidheal, latha mìorbhaileach agus chanainn ri neach sam bith an cothrom a ghabhail ionnsachadh mun eachdraidh a chruthaich na Gàidheil agus a tha iad a’ leantainn air adhart a’ dèanamh fhathast, do Ghlaschu... Taing a-rithist :)”
“Chòrd an turas timcheall Ghlaschu gu mòr rium fhìn agus ris a’ chloinn!”

“Bha mi aig ‘Blasad Bodhran is Fìdeag' Disathairne a chaidh agus bha e fìor mhath. Tha Coinneach na neach-teagaisg math (agus foighidneach!) – agus dh’fheumadh e sin ’s mise sa chlas aige!”

“chòrd an seisean bodhran & fìdeag aig Coinneach rium gu mòr”

“Is toil leam a bhith ag ionnsachadh beagan dannsa cèilidh agus tha mi an dòchas gun cùm sibh seo a’ dol.”

“Is fìor thoil leam an Ceilidh air Dimàirt. Gun teagamh sam bith, bhiodh e math nan tachradh rud mar seo na bu trice.”

“Chaidh mi fhìn agus mo chompanach gu seisean dannsa cèilidh. Chòrd e gu mòr ris an dithis againn agus shaoil sinn gun robh na h-oidean math dha-rìribh agus dh’ionnsaich sinn mòran.”

“Fhuair mi fìor thlachd às a’ bhlasad bogsa-ciùil agus bha mi airson faighinn a-mach a bheil an t-ionad am beachd iad sin a thairgsinn gu cunbhalach? ’S math a rinn an t-oide, rinn e fìor mhath.”

“Bha mi a’ smaoineachadh gun robh an leasan dannsa mìorbhaileach. Bha e proifeiseanta agus fhuaireadh luach an airgid às.”

WEST END FESTIVAL



TASTER SESSION WORKSHOPS

During the West End Festival, An Lòchran ran four different taster session workshops. These were:

• a taste of Gaelic Singing
• a taste of ceilidh dancing
• a taste of accordion
• a taste of bodhran/whistle

These events proved to be very popular and we have received some wonderful feed back, via our Facebook page and by email, from those who took part, which you can see in the feedback section.

As a result of the popularity of these events, we will begin running some of these classes on a more permanent basis after the summer holidays. Provisional starting dates for these are given below. For more information or to book your place on any of the classes call 0141 342 4199 or email stacy@anlochran.com.

Accordion classes Wednesday nights 7:00pm – 8:30pm
Starting 22nd Aug and running for 10 weeks
£15 per class
£10 per class if you block book the whole 10 weeks

Ceilidh Dancing Thursday nights 7:00pm – 8:30pm
Starting 23rd Aug and running for 10 weeks
£6 per class
£5 is you block book the whole 10 weeks

Bodhran Classes Saturday afternoons
Starting 25th Aug
£6 per class
£5 per class if you block book the whole 10 weeks


BI-LINGUAL BUS TOUR AT THE WEST END FESTIVAL

As well as the taster sessions, we also ran ‘Glaschu nan Gàidheal’, a bi-lingual bus tour of Glasgow. The bus tour took in many of the places in Glasgow which were important to the Gaels of old and present day and those areas of the city on which the Gaels have made an impact. Keep checking our website as picture of some of the places visited will be posted soon.

The bus tour also proved to be very popular and we will be running another tour on the 9th August as part of ‘Piping Live’. Tickets cost £12.50. To book your place call 0141 342 4199 or email stacy@anlochran.com

WELCOME

We would like to welcome Stacy Nicolson who will be working with us for 10 weeks as part of the Comunn na Gàidhlig summer placement scheme. Stacy is currently studying Gaelic at The University of Glasgow and was a member of Strathclyde Theatre Group for 15 years. We wish her all the best and hope she enjoys her time here at An Lòchran.

COMMUNITY DRAMA CLUB

An Lòchran are looking to establish a community drama club which will begin in September. As well as acting workshops, we would be looking to hold workshops on other aspects of drama which are may be of more interest to those who do not wish to ‘tread the boards’. These will include

• costume making
• stage make up
• lighting design and operation
• set design

More information on these workshops will be posted on our website after summer.

Feedback

“Tapadh leibh, to all involved in the guided tour, Glaschu nan Gàidheal, brilliant day out, and would encourage anyone to take the opportunity of learning the history the Gaels made, and continue to make, to Glaschu... Taing a-rithist :)”

“Me and the kids loved the tour of Glaschu!”

“Was at the 'Taste of the Bodhran and Whistle' last Saturday and really, really enjoyed. Coinneach is a very good (and patient!) teacher - and he needed to be with me in the class!”

“really enjoyed the bodhran & whistle taster session with Coinneach”

“I enjoy learning a bit of ceilidh dancing and I hope you keep this going”

“I really enjoy the Ceilidh on Tuesday. Definitely would like to see this kind of thing happen more.”

“Myself and my partner attended a ceilidh dancing session. We both really enjoyed it and thought the instructors were very good and we learnt a lot.”

“I really enjoyed the taste of accordion class and wondered if the centre is considering offering these on a regular basis? Well done to the tutor, he did really well.”

“I thought the dance lesson was fantastic. It was very professional and great value for money.”

The Isle of South UistThe Isle of South Uist
"Is obair látha toiseachadh - A beginning is a good days work", - T.D MacDonald
Accommodation, News, Photos and Members area. Dedicated to the Isle Of South Uist and the neighbouring Isles
Privacy Policy | Photos of Barra | Photos of Eriskay | Photos of South Uist | Photos of North Uist | Photos of Lewis
© 1998 - 2024 - Built in Scotland